Kishore Kumar Hits

Julie Fowlis - Òran an Ròin lyrics

Artist: Julie Fowlis

album: alterum


Hò i hò i hì o hò i
Hò i hò i hì o hì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi m' ònar a-raoir
'S mairg san tìr seo, 's mairg san tìr
'G ithe dhaoine 'n riochd a bhìdh
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
Goil air teine gu cruaidh cruinn
Hò i hò i hì o hò i
Hò i hò i hì o hì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi m' ònar a-raoir
'S mise nighean Aoidh mhic Eòghainn
Gum b' eòlach mi mu na sgeirean
Gur mairg a dhèanadh mo bhualadh
Bean uasal mi o thìr eile
Hò i hò i hì o hò i
Hò i hò i hì o hì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi m' ònar a-raoir
Thig an smeòrach, thig an druid
Thig gach eun a dh'ionnsaigh nid
Thig am bradan thar a' chuain
Gu Là Luain cha ghluaisear mis'
Hò i hò i hì o hò i
Hò i hò i hì o hì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi m' ònar a-raoir

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists