Kishore Kumar Hits

Julie Fowlis - A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi lyrics

Artist: Julie Fowlis

album: Gach Sgeul / Every Story


A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi -
An tòir chrodh-laoigh a thàine mi
Gur ann a-raoir a chuala mi
Mo ghaol a bhith ri buachailleachd
Ged fhuair thu 'n iomall na buaile mi
A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi

'S mi dìreadh ris na gàrraidhean
'S a' teàrnadh ris na fàirichean
Gun d' thachair fleasgach bàigheil rium
'S cha d' dh' fheuch e bonn ga chàirdeis rium
Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh
Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh
Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh
A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi

Trodaidh m' athair 's mo mhàthair riut
Trodaidh mo chinneadh 's mo chàirdean riut
Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu
Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi
Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh
Gheall i ribean a b' ùire dhomh
Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh
Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi

A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi -
An tòir chrodh-laoigh a thàine mi

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists