Choisich mi cuide ri mo thuigse A-muigh ri taobh a' chuain Bha sinn còmhla ach bha ise A' fuireach tiotan bhuam An sin thionndaidh i ag ràdha A bheil e fìor gun cual Thu gu bheil do ghaol geal àlainn A' pòsadh tràth DiLuain? A' pòsadh tràth DiLuain? Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh 'Nam bhroilleach reubte luath Is thubhairt mi: Tha mi cinnteach Carson bu bhreug e bhuam? Ciamar a smaoinichinn gun glacainn An rionnag leugach òir Gum beirinn oirre 's gun cuirinn i Gu ciallach 'na mo phòc? Gu ciallach 'na mo phòc? ♪ Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh An èiginn chruaidh na Spàinn Ciamar sin bhiodh dùil agam Ri aon duais ùir an dàin? Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon Bheag ìosal thioram thlàth Is ciamar sin a choinnichinn Ri beithir-theine ghràidh? Ri beithir-theine ghràidh? Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh 'S mi 'm sheasamh air an àird Leumainn à neamh no iutharna Le spiorad 's cridhe slàn Le spiorad 's cridhe slàn