Kishore Kumar Hits

Julie Fowlis - An Ròn / Ann an Caolas Od Odram lyrics

Artist: Julie Fowlis

album: Gach Sgeul / Every Story


"Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn
Fuil nan rìghrean na mo chrè -
Ged a chì sibh mi nam ròn
Tha mi mòrail nam thìr fèin
"Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint'
Innis dhùthchasach nan ròn
Caidlidh mi air leacan sàil'
Mi fhìn 's mo bhàn-chuilean òg."
A Bhana-phrionns' a' chuain shiar
A bheil sgeul agad ri luaidh?
Nach inns' thu dhuinn mar a bha
Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan?
"Chaidh na geasan a chuir oirnn
Rè ar bheò-bhith le luchd-fuath
'S ged a tha sinn snàmh nan caol
'S e nàdar daonnd' tha dhuinn dual
"Aig tràth-marbh air oidhche fèill
Tilgidh sinn ar bèin air tràigh
'S cluichidh sinn nar n-òighean suairc'
A' crathadh ar cuaillean bàn
"Ach a-nochd tha mi nam ròn
Air an lic an còrs' a' chuain
'S e mo nàdar bhith toirt gaol
'S do chlann-daoine thug mi luaidh."
Ann an Caolas Od Odrum far an caidleadh an ròn
Far nach cluinnte guth duin' ach fuaim tuinne 's glog geòidh
Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o 'an dao, hì o 'an dao
Hì o 'an dao odar da, odar da
Muime 'g altram a pàistean, 's i gan tàladh gu ciùin
Gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain
An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh
A' mhaighdeann-mhara 's i bruadar anns an uaigneas air laoch
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o 'an dao, hì o 'an dao
Hì o 'an dao odar da, odar da
An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh
A' mhaighdeann-mhara 's i bruadar anns an uaigneas air laoch
Ann an Caolas Od Odrum far an caidleadh an ròn
'S far nach cluinnte guth duin' ach fuaim tuinne 's glog geòidh
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
Hì o 'an dao, hì o 'an dao
Hì o 'an dao odar da, odar da

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists