An t-aparan goirid 'S an t-aparan ùr 'N t-aparan coimhid Nach ruig ach a' ghlùin 'S nuair bha mi òg 'S mi furast' rim lùb' 'S e dh'fhàg mi fo leòn Ach an t-aparan ùr Bha cliù ort, a Sheasaidh 'S tu 'n ainnir bha suairc A chumadh rid ghealladh 'S a leanaid rid luaidh 'S ann unnad bha spiorad 'S tu 'chinneadh nam buadh Nach gabhadh an giorag 'S nach tilleadh ron chuan An t-aparan goirid 'S an t-aparan ùr 'N t-aparan coimhid Nach ruig ach a' ghlùin 'S nuair bha mi òg 'S mi furast' rim lùb' 'S e dh'fhàg mi fo leòn Ach an t-aparan ùr 'S ann ort a bha 'm biùthas San dùthaich a bh' ann Cha ghabhadh thu Cooper Cha bùidh leat a chainnt 'S ann bha thu nad bhiùtaidh 'S tu 'm flùr gun mheang 'S am faighinn mo dhùrachd Bhiodh diùc leat air a làimh An t-aparan goirid 'S an t-aparan ùr 'N t-aparan coimhid Nach ruig ach a' ghlùin 'S nuair bha mi òg 'S mi furast' rim lùb' 'S e dh'fhàg mi fo leòn Ach an t-aparan ùr Nuair fhuair an Eliza Miss Jessie air bòrd 'S ann oirre bha sgoinn 'S iad a' hoidhseadh nan seòl Bha muir air gach taobh dhith A' sgaoileadh mu bòrd 'S bha h-aigne cho aotrom Ri faoileag air a lòn ♪ Bha seòrsa duine aca Amach air a' "watch" A' geàrd a' bhaile 'S na thigeadh mun cuairt Ach cheangailear a chasan 'S a làmhan gu cruaidh 'S mun 's d' ràinig a' mhadainn Chaidh a ragadh le fuachd An t-aparan goirid 'S an t-aparan ùr 'N t-aparan coimhid Nach ruig ach a' ghlùin 'S nuair bha mi òg 'S mi furast' rim lùb' 'S e dh'fhàg mi fo leòn Ach an t-aparan ùr Dh'fhàg thu do mhàthair Is d' athair fo leòn Nach d' rinn iad dhut banais Le aighear 's le ceòl Ach tillidh tu fhathast Do dh'Uibhist an eòrn' 'S bidh siùcar an glainne 'S todaidh ga òl! An t-aparan goirid 'S an t-aparan ùr 'N t-aparan coimhid Nach ruig ach a' ghlùin Nuair bha mi òg 'S mi furast' rim lùb' 'S e dh'fhàg mi fo leòn Ach an t-aparan ùr