'Ille dhuinn, 's toigh leam thu 'S toigh leam fhìn thu, laochain Mas toigh leat mi, is toigh leam thu 'S gur òg a thug mi gaol dhut Dh'fhalbh mi mar a b' àbhaist dhomh Air sàillibh coimhead chaorach 'S beag a bha dhem fhor orra 'S mo leannan air a' chaolas Nuair dhìrich mi suas Criongrabhal 'S e m' inntinn nach robh aotrom Bha 'm bàta mach gu Saighdeanais 'S i toidhdidh fo cuid aodaich 'S ann a their mo phàrantan Gur tàmailt leotha m' fhaoineas Gum faighinn fear na b' fheàrr na thu Le bàtaichean 's le birlinn Ged gheibhinn fear na b' fheàrr na thu Le bàtaichean 's le birlinn B' fheàrr leam fhìn an gille donn Is e gun bhonn dhen t-saoghal ♪ Ged gheall mi dhut gun leanainn thu 'S gun dealaichinn ri mo dhaoine Cha d' rachainn dha Na Hearadh leat Air cheannachd air an t-saoghal Is ged a bhithinn pòsta riut Is còir agam air d' fhaotainn Cha b' fhada bhithinn beò agad 'S an Dòmhnallach às m' aonais 'Ille dhuinn, 's toigh leam thu 'S toigh leam fhìn thu, laochain Mas toigh leat mi, is toigh leam thu 'S gur òg a thug mi gaol dhut