Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh 'S ann a Muile na beann dubha Tha mo luaidh air a' ghille Dh'àithninn thu am measg an t-sluaigh Leis na h-uaislean a' tighinn Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh 'S ann a Muile na beann àrd Tha mo ghràdh dhen na gillean Ged nach tug thu dhomh do làmh Do dheoch-slàinte cha tillinn Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh Bidh mo mhàthair rium ag ràdh Èirich suas, 's tog do mhisneach Ged tha 'n gille fada bhuat Cha bhi gruaim air nuair thig e Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh Nuair a bhiodh tu 's an taigh òil 'S tu nach sòraidh an gini Bhiodh do bhotal air a' bhòrd Càch an òl, 's tu ga' sireadh Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh ♪ Dè ma thèid thu dhan taobh tuath Gum bu luaidh nì thu tilleadh Tha na nìonagan an gruaim Bhon nach d'fhuair iad an gille Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh Air a' ghille tha mo rùn Tha mo rùn air a' ghille Bhon latha chuir thu rium do chùl Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh