Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Hoireann o rathill iu o lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Seinn


A MhicLeòid ma dh'fhàg thu 'n dùthaich
Gu ma cliùiteach thig do sgeula
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Gu ma cliùiteach thig do litir
Agus miosail agam fhèin i
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Ille dhuinn a chuailean dualaich
'S mòr mo luaidh a fhuair mi fhèin ort
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Chi mi 'm bàta mach 'an caolas
Tha mo ghaol innte gun èirigh
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Chi mi 'm bàta mach a' ruadh
'S i na siubhal fo làn eudach
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu

'S àrd a chluinnte fuaim a crannaibh
'S i na deannaibh tro chuain Èirinn
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
'S àrd a chluinnte fuaim a' h-aodach
Nuair a sgaoil le oir' gu lèir i
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Cuir an stiùir 'an làimh mo leannan
Gu b' e cala dhèanadh fhèin e
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu

Cuir an stiùir 'an làimh a' Leòdaich
'S e nach sòradh stop "Jamaica"
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
'S e nach sòradh stop dhen bhranndaidh
Anns a' gheamhradh, àm na feuma
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu
Muladach mi 'siubhal coille
Air latha soilleir 'us gun ghrèin ann
Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu

Hoireann o ra thill thu
Thiùrraibh o ra thug eile
Hoireann o ra thill thu

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists