Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Taladh na Beinne Guirme (The Blue Mountain's Lullaby) lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Seinn


A dhaoine, bha mi seo an bhris an là
Sìnte, gu sìtheil 'na mo shuain
An t-sìorrachd, am bòidhchead slàn mar a dheònaich E
'S an nàdur a' freagairt dha mo dhuan
Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Air maduinn, dh'fhairich mi ann dealachadh
Mo chaithris is m' ònrachd 'tighinn gu ceann
Ceòl na tuaighe 's nan duanagan
Dh'èist mi is thog mi fhìn am fonn
Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Daoine, daoine còire, curanta
A ghiùlain gach cruadal 's càs gu treun
Dualchas, dualchas beairteach, briagha, beò
Mar chàirdean, gun d'thug iad orm seinn
Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò

Ach thàinig, thàinig oirnn an dàrna là
Is chunnaic mi mo dhaltan a' sìoladh às
'S gann gun cluinn mi 'n cànan ceòlmhor, blasda, binn
Cànan coimheach, cruaidh a' tighinn 'na h-àit'
Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Tha sgleò, tha sgleò air tighinn air an àite seo
Is sàmhchair bhon a dh'fhalbh mòran
'Nam chaithris air mo chloinn 'nan cadal buan
Fanaidh mi 'gan tàladh ann le m' òran
Fàil ill ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Hiùraibh ò 's na hò ro èileadh o ro
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò
Fàil ill è 's na hò ro èileadh ò

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists