S' mithich dhòmhsa tòiseachadh Is m' òran chur an cèill Gur fhada bhon bu chòir dha Bhi ann an òrduigh rèidh Tha m' inntinn-sa cho luaineach Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug Ma s' e gum pòs a' ghruagach Tha shuas ann an Gleann Èit' Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu Bho d' bhàrr gu sàil do bhuinn Chan eil cron ri àireamh ort 'S tu bean an nàduir ghrinn Nar mhealam-sa mo shlàinte Gu 'n b' fheàrr leam nam bhi 'm rìgh Cead bhi laighe làimh riut Mo làmh fo' do mhuineal mìn Gur lìonmhor màis ri' h-aithris Air an ainnir is math shnuadh Do shlios geal mar an caineal No mar eala na tonn uain' Shiubhail mi bho 'n Apuinn A-mach gu Uisge Chluaidh 'S bean t' aogais anns an astar sin Cha 'n fhaca mis', a luaidh Tha falt bachlach bòidheach ort Air dhath an òir 'na dhuail Gur fiamhach sgiamhach, òrbhuidhe Ann 'n òrduigh ann na cuaich Bha m' inntinn-sa làn sòlais Nuair bha mi chòmhnuidh shuas 'S a nise bho 'n a dh'fhàg mi a Chan eil mo thàmh ach truagh ♪ Tha nìonagan an àite seo Ri tàir orm gu mòr Gu'n d' thuirt iad rium am "bachelor" 'S gu bheil mi sean gu leòir Cha b' i 'n aois a liatha Mo chiabhagan cho mòr Ach sìoban na tonn dubh ghorm A' tighinn bho chùl nan seòl Gur lìonmhor anns an àite seo Mo nàimhdean bho chionn greis A chionn gu'n d' thug mi gràdh Dhan nighean bhàin tha 'nn Dail an Eas Tha fleasgaich anns an àite seo Gum b' fheàrr leò gun robh mis' Ann iomall domhain fad air falbh Gun earbsa ri tighinn às Ged a bhithinn fad air falbh Bhiodh m' earbsa ri tighinn as A shealltainn air mo ghràdh An nigh'nn bhàn a's àillidh dreach Chan eil e anns an àl seo No 's an àl a thig am dhèigh Bean do mhais' a Mhàiri 'S tu a' àille tha fo 'n ghrèin 'S ìseal a thuit m' inntinn-sa 'S cha dìrich i ri m' bheò A chaoidh cha dèan mi innseadh An nì sin tha 'gam leòn 'S gus an tèid mo thìodhlaiceadh Ann cistidh dhìonaich bhòrd Cha trèig mi gaol na h-ìghneige Dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn