Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche An oidhche bha mis' air chuan Shil 'is shéid i, dh'fhàs i fuar Dhòmhsa b' fheudar bhi dhol suas Mo thruaighe 's gun mi eòlach Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche Thuirt e rium a dhol dhan chrann Thuirt mi fhéin nach d' rachainn ann Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann Gur siod a gheall thu dhòmhsa" Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche Chaidh mise an sin suas Rinn mi' n "topsail" chur mun cuairt Thuirt e rium nuair thàin' mi nuas Nach robh e uamhaidh-bòdhach Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche ♪ Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche "Mur a bheil," thuirt mi fhéin "Seo fear nach seall 'n a déidh Ged a rachadh e dhan speur 'N a riobanan 's 'n a ròpan" Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche Théid mi sìos gu ceann Loch Mhèinn Far bheil d' athair 'gabhail tàimh Gus an faigh mi thu air làimh Gu bràth cha dèan sinn pòsadh Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche Théid mi sìos gu àit' an t-sagairt 'S théid ar n-éigheach aig an àltar 'S mur tig sian sam bith 's an rathad Thig sinn dhachaidh pòsda Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche Hao ro ri o, rathail o Rathail o, rathail o Hao ro ri o, rathail o Mo nighean donn as bòidhche