Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Blar Inbhir Lochaidh lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Storas


Gur e mise th' air m' aineol
Na hi ri ri si ri a ro
O gur mise th' air mo leònadh
Na hi ro ri o ho
O gur mise th' air mo leònadh
Na hi ri ri si ri a ro
Bho latha Blàr Inbhir Lòchaidh
Na hi ro ri o ho
Bho latha Blàr Inbhir Lòchaidh
Na hi ri ri si ri a ro
Fo ruaig nan Èireannach dòithte
Na hi ro ri o ho
Fo ruaig nan Èireannach dòithte
Na hi ri ri si ri a ro
Thàinig a dh' Albainn gun stòras
Na hi ro ri o ho
Thàinig a dh' Albainn gun stòras
Na hi ri ri si ri a ro
Le bha dh' earrasair an cleòcaibh
Na hi ro ri o ho
Le bha dh' earrasair an cleòcaibh
Na hi ri ri si ri a ro
Thug iad spionnadh do Chlann Dhòmhnuill
Na hi ro ri o ho
Thug iad spionnadh do Chlann Dhòmhnuill
Na hi ri ri si ri a ro
Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda
Na hi ro ri o ho
Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda
Na hi ri ri si ri a ro
Mo thriùir mhacanan òga
Na hi ro ri o ho
Mo thriùir mhacanan òga
Na hi ri ri si ri a ro
'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh
Na hi ro ri o ho
'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh
Na hi ri ri si ri a ro
Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna
Na hi ro ri o ho
Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna
Na hi ri ri si ri a ro
Mharbh iad mo chrodh mòr gu feòlach
Na hi ro ri o ho
Mharbh iad mo chrodh mòr gu feòlach
Na hi ri ri si ri a ro
Mo chaoraich gheala gan ròsladh
Na hi ro ri o ho
'S mo chaoraich gheala gan ròsladh
Na hi ri ri si ri a ro
Gur e mi a th' air mo leònadh
Na hi ro ri o ho

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists