Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Cumha Aoghnuis lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Storas


Gur mis' tha, tha fo mhulad
'S mi air tulaich na h-àirigh
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
'S mi ri coimhead na mara
Ag cur thairis a' bhàta
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Mi ri coimhead na gillean
Air an linnidh 'g am bàthadh
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
Mo thriùir bhràithrean ann 's m' athair
Fear mo thaighe 's e chràdh mi
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
Bàs Aonghuis a Barraidh
'S gur e sgar is a chràdh mi
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Chuir iad léine dhe à 'n anart
Gun bhannan mu d' bhràghad
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
Ann an chistidh chaoil, chumhaing
Air a dubhadh 's a tàirneadh
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
Och nan och mar tha mise
Bean gun mhisneach gu bràth mi
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Tè gun mhac, gun fhear taighe
Tè gun aighear 's gun slàinte
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists