Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - An Gaidheal am measg nan Gaidheal lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Storas


O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh
Cha togar fonn leam ach trom th' air m' aineol
Cha dèan mi òran 's an dòigh bu mhath leam
Gur mi bha gòrach, nuair thug mi 'n gealladh
Dhan nighneag òig a th' a' chòmhnuidh 'n Canna
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh
Gur mi bha stàiteal mu 'n dh'fhàg mi Ailean
A' togail gàraidh, 's a càradh bhealach
Ach b' fheàrr bhith ann air neo 's meallt' mo bharail
Na bhith san àm seo 'n an taing nan Gallaibh
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh
Nuair nì sinn gluasadh DiLuain dhan bhaile
Bhi bodaich Gallt ann an gheall ar mealladh
Cha tuig mi nàduir le cànan Gallaich
Tha mise dall 's gun an cainnt am theangaidh
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh

Thoir soiridh bhuamsa thar cuan dha m' leannan
Is innsibh fhèin dhi gu bheil mi fallain
'S gu bheil mi 'n-dràst' ann an "Cader Parish"
'S gun deachaidh Ghàidhlig à àite seallaidh
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh
Is tu, Chatrìona, tha tighinn air m' aire
Chan e do stòras a rinn mo mhealladh
Th' ach thu bhith bòidheach, gun bhòsd, gun bharrachd
Dhen fhine mhòr ò MhacLeòid na Hearadh
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
O, a rùin, gur a tu th' air m' aire
Tu fhèin a rùin, gur a tu th' air m' aire
Gur e do shùgradh tha tighinn fainear dhomh

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists