A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort Gur tric mi 'cuimhneachadh ort 's mi m' ònar Ged a shiubhlainn gach ceum den t-saoghal Bidh t' ìomhaigh bòidheach 'tighinn beò gach taobh dhiom A Mhàiri bhòidheach, a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn ♪ 'S truagh nach robh mi 's mo Mhàiri bhòidheach Ann an gleannan faoin 's ceò air Ged bu rìgh mi 's an Roinn-Eòrpa Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn ♪ Chìthear fèidh air sgèith 's na speuran Chìthear iasg air àird nan slèibhtean Chìthear sneachda dubh air gheugan Mum faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn Guma slàn dha mo Mhàiri bhòidheach Ge b'e àite 's am bidh i 'chòmhnaidh 'S e mo dhùrachd cho fad 's is beò mi Gum bidh gach sòlas aig Màiri bhòidheach A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn