Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Mo Mhaili Bheag Og lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Lan Duil


Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan

Mo Mhàili bheag òg?

Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan
Mo Mhàili bheag òg?
Do chàirdean a' chur binn orm
Mo chuid dhen t-saoghal thu
A bhean na mala mìne
'S na pògan mar na fìogais
Is tu nach fhàgadh shìos mi
Le mì-rùn do bheòil

Di Dòmhnaich anns a' ghleann dhuinn
Mo Mhàili bheag òg
Nuair a thòisich mi ri cainnt riut
Mo chuid dhen t-saoghal mhòr
Nuair a dh'fhosgail mi mo shùilean
'S i sheall mi air mo chùlaibh
Bha marcaich' nan each crudhaich
'Tighinn dlùth air mo thòir

Is mis' a bh' air mo bhuaireadh
Mo Mhàili bheag òg
Nuair thànaig sluagh mun cuairt dhuinn
Mo rìbhinn ghlan ùr
Is truagh anns an àm sin
Nach do thuit mo làmh o m' ghualainn
Mun do dh'amais mi do bhualadh
Mo Mhàili bheag òg

Gur bòidhche leam a dh'fhàs thu
Mo Mhàili bheag òg
Na an lili anns an fhàsach
Mo chiad a' ghràdh 's mo rùn
Mar aiteal caoin na gréineadh
Am madainn chiùin ag éirigh
B' e siud do dhreach 's t' eugais
Mo Mhàili bheag òg

Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan

Mo Mhàili bheag òg

Nach truagh leat mi 's mi 'm prìosan

Mo Mhàili bheag òg

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists