Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'Mhòrag bheag a' chùil rìomhaich Dhèanainn-sa do chìr a cheannach Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'Mhòrag bheag a' chùil dualaich 'S tric do luaidh a' tighinn air m' aire Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Mis' a-muigh air luing a' seòladh 'S mi gun dòigh air tighinn gu baile Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'N cuimhne leat an oidhche bha sinn 'S a' luing bhàin air bhàrr na mara? Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'N oidhche sin a chaidh ar fuadach Thànaig a' mhuir mhùr 'na gleannaibh Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'S truagh, a Rìgh, nach ann a bha mi 'N ciste-laigh' nam bòrdan tana Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Bhon a chunna mi na coinnlean 'G gàbhail a-raoir air do bhanais Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Nuair dheadhaidh tu a-mach a dh'fhiachadh Bu trom do thriall bhon a' bhaile Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Le d' ghunna leathann is le d' fhùdar Le do ghille is cù 'na dhèanamh Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Leagadh tu 'n damh donn a bhùirein 'S fhuil 'g a thùchadh 's e gun anail Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Cha leiginn thu (suas e!) chrò nan caorach Air eagal d' aodach a shalach Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò Cha leiginn thu chrò nan gobhar No bhleoghainn a' chruidh as a' t-earrach Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'S mi air chùl nam beanntan àrda Cha chluinn mo mhàthair mo ghearain Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'Mhòrag bheag nighean an Leòdaich Airson a dhèanainn dòrtadh faladh Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò 'Mhòrag bheag à tìr nan Leòdach Dh'òlainn do dheoch-slàint' a dh'aindheoin Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò A Mhòrag 's na ho rò gheallaidh Ò ì og ì ò (ìu hù)