Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Oran Sniomh (Spinning Song) lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Suas e!


'S iomadh caileag bhòidheach laghach
'Bhios 'na suidh' aig cuibhlidh
'Snìomh nan rolag 's seinn nan luinneag
Bidh gach currac binn ann
'Snàithlean bòidheach ruith ro' meòirean
Cothrom, còmhnard, sìnte
'Falt 'na dhual bhos cionn a cluais
'Ga chumail suas le cìr ann

A Nic Theàrlaich, air do shlàinte
Bidh sinn càirdeil daonnan
Bidh thusa 'fàs, bidh mise 'cnàmh
'S mo cheann cho bàn ri faoileig
Bu mhór leam toileach ' thug siod dhomhs'
'Laighe blàth ri d' thaobhsa
Nuair thig an geamhradh, bídh tu sàs
Aig nighean bhàn Nic Mhaoilein

'S iomadh caileag bhòidheach laghach
'Bhios 'na suidh' aig cuibhlidh
'Snìomh nan rolag 's seinn nan luinneag
Bidh gach currac binn ann
'Snàithlean bòidheach ruith ro' meòirean
Cothrom, còmhnard, sìnte
'Falt 'na dhual bhos cionn a cluais
'Ga chumail suas le cìr ann
Thig a' chuibhle mun cuairt car o dheas na o thuath
Agus gheobh ar n-eascairdean duais an eucoir
(Thig a' chuibhle mun cuairt)
(Thig a' chuibhle mun cuairt)
(Agus gheobh ar n-eascairdean duais an eucoir)

Nuair thig an geamhradh, 's àm nam bainnsean
Gheobh sinn dram' dhen Tòiseach
Bidh Nollaig chridheil aig cloinn nighean
'S aig na gillean òga
Bidh mnathan òg a' ruith 's a' leum
'S cuid dhiubh 'g éigheachd òran
Bidh srannd aig bodaich ann am fodar
'S sogan orr' a' còmhradh

'S iomadh caileag bhòidheach laghach
'Bhios 'na suidh' aig cuibhlidh
'Snìomh nan rolag 's seinn nan luinneag
Bidh gach currac binn ann
'Snàithlean bòidheach ruith ro' meòirean
Cothrom, còmhnard, sìnte
'Falt 'na dhual bhos cionn a cluais
'Ga chumail suas le cìr ann

Thig a' chuibhle mun cuairt car o dheas na o thuath
Agus gheobh ar n-eascairdean duais an eucoir
Thig a' chuibhle mun cuairt

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists