Kishore Kumar Hits

Mary Jane Lamond - Seinn o lyrics

Artist: Mary Jane Lamond

album: Suas e!


Gur a muladach tha mi
'S mi air àirigh chruidh-bhainne
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Gur a muladach sgìth mi
'S mi leam fhìn an tìr m' aineoil
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Cha b' ionnann mar bha mi
Man do dh'fhàg mi 'm Bràigh Raineach
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Le m' phiuthar 's le mo bhràthair
Cead bhith mànran ri m 'leannan
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Ann am bothag an t-sùgraidh
'S e ba dùnadh dhi barrach
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Ann an Eilean nan Leòdach
Far am pòs gach caileag
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
'S e bu leaba dhuinn luachair
'S e bu chluasag dhuinn canach
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Seinn, o ho rò, Ruairidh
Bidh daoin-uasal' air do bhanais
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Seinn, o ho rò, Thormaid
Fhir nan gorm-shùilean meallach
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
'S ged nach bi mi 'ga innse
'S ann an Ìle tha mo leannan
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
'S ged nach bi mi 'ga ràidhtinn
Thug mi gràdh dhut 's mi 'm leanabh
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn
Seinn o ho rò leannain
Seinn o ho rò seinn

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists