Nuair a sheasas mi 's an dorust Chì mi 'choille bhos mo chinn Sìnidh mo shùilean ri sileadh Tha mo mhisneachd air a chlaoidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn ♪ 'S ann agam fhìn a bha na bràithrean 'S bi mi 'ga 'n àireamh a chaoidh 'S truagh nach robh mi aig a' charraig Nuair a dh'éibh 'ad soraidh leibh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn Nuair a ràna' sinn an "Table" Bha mo chuideachd gu léir ann cruinn Mo phiuthar 's mo bhràthair-céile 's Gun stiall eudaich air an druim É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn Seiche na bà air a cairteadh Air a càradh air mo dhruim 'S mi air stàbhradh leis an acrais Col'as a' bhàis a' tighinn air m' aghaidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn ♪ Nam biodh agam cliabh 's corran Feamain ìseal 's m' eathar fhìn Cha bhiodh mo chlann air a' bhrochan 'S an tìr mhosach 'gam o chlaoidh É ho rò 's 'na bheil air m' aire 'S mór a-nochd a tha mi 'caoidh Ill ù ill ò gur mór mo luaidh ort Ged nach d'fhuair mi thu dhomh fhìn