'S tric mi sealltainn o'n chnòc a's àirde Dh'fheuch am faic mi fear a bhàta An tig thu'n diùigh no'n tig thu màireach 'S mur tig thu idir gur truagh a tà' mi Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu Tha mo chridhe-sa briste brùite 'S tric na deóir a ruith o'm shùilean An tig thu nochd no'm bi mo dhùil riut No'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu Gheall mo leannan dhomh gùn dhe'n t-sìoda Gheall e siod agus breacan rìomhach Fainn òir anns an fàiginn iomhaigh Ach 's eagal leam gun dean e di-chuimhn' Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu Bidh mi tuille gu tùrsach deùrach Mar eala bhàn 's an déigh a reùbadh Guileag bàis aic' air lochan feùrach Is cach uile an déigh a tréigsinn Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Fhir a' bhàta 'sna horo èile Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu