Tha mo chridh'-sa a' seinn gu treun Mu 'n tìr bu dual dhomh 's do chainnt na Fèinn', Dùthaich mhaiseach a rinn m'àrach; Tìr nan sàr-laoch nam beanntan àrd. Mi 'n seo nam chrùban 's mi cianail tùrsach, Gun tàmh gun sunnd is mo shaoghal gun sìth, Cha bàs no buaireadh a dhùisg mo smuaintean, Cha fuath nan cruinneag a bhuail mo chridh', Ach 's e cràidh mi – cionn-fàth mo lèiridh – Ged theireadh càch gur cràiteach mi; 'S e sìol na gràisge chaidh an cur le Sasainn An tìr na Gàidhlig a ghleus mo strì. 'S gach àit' gan tèid mi tha m' chluas ag èisteachd Ri luchd na Beurla 'tha fantainn ann, 'S ged rug' mi fhìn ann an tìr tha ìosal, Bu dual dham shinnsreadh tìr àrd nam beann, Tìr eagach fhraochmhor, tìr lochach chraobhach, Tìr nan laoch is nan cinneadh fìor; Mar bhroinn mo mhàthar chuir smior 'nam chnàmhan, Leam-s' tha 'n àrd-thìr nam flath san iar. Ged thogadh fuath dhuibh an tìm a' chruadail, 'S gun deach thar chuain cuid dhe ur àl a bh'ann, Tha cainnt mo luaidh-sa fo dhìonachd stuadhan Nan eilean luachmhor, 's i fhàthast neo-ghann. Ach sheall nur lèirsinn ur laoigh gur trèigsinn - 'S iad dèanamh rèiteach le nàmhaid cruaidh, Mar chlann na h-Èireann nach dean sibh èirigh? Ur airm gan gleusadh le beul an t-sluaigh. 'S e bu dual dhuibh an dream bha buadhmhor, A chosg dhuinn cliù thar gach sluaigh fon ghrèin', 'S iad air an stiùireadh le daoine fuadain 'S an cainnt ga sgiùrsadh le gnàthsan cèin', Ach 's e mo dhùrachd gun dean sinn dùsgadh 'S gun tèid arc ùl ris na fàsain ùr', 'S gun èirich suim dha ar dualchas uasal – 'S gun gabh gu h-uaibhreach ar sliochd an stiùir!