I bhì à dà, ù à iodailean; I bhì à dà, adail iodail ù-an. Ciamar a ruidhleas mo nighean 'S dithis às a'rathad oirre? Ciamar a ruidhleas mo nighean, 'S ceathrair air an ùrlar. 'S ioma rud a chunna mi, 'S ioma rud a rinn mi; 'S ioma rud a chunna mise A-muigh air feadh na h-oidhche. Chunna mi na cudaigean, Na cudaigean, na cudaigean; Chunna mi na cudaigean A'cluich air allt na muilleadh. Chunna mi na piseagan, Na piseagan, na piseagan; Chunna mi na piseagan, Air spiris bean an t-saighdeir.