Kishore Kumar Hits

Kim Carnie - Murt na Ceapaich lyrics

Artist: Kim Carnie

album: And So We Gather


Dh'èirich mise moch Didòmhnaich
Horò na haoilearain oro
Shuidh mi air an tulaich bhòidhich
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
'S leig mi air an tuireadh bhrònach
Horò na haoilearain oro
Chunna mi taigh m' athair gun chòmhla
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Gun smùid, gun deathaich, gun cheò dheth
Horò na haoilearain oro
Dh'fhosgail mi doras ur seòmair
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Thàinig ur fuil thar mo bhrògan
Horò na haoilearain oro
'S teann nach d' òl mi fhìn mo leòr dhi
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!

'S i fuil Alastair a leòn mi
Horò na haoilearain oro
Is fuil Raghnaill an duin' a b' òige
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Dìol na muice duibhe, dòighte
Horò na haoilearain oro
Air gach aon a bha mun fheòlach
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Thoir fios uamsa gu MacDhòmhnaill
Horò na haoilearain oro
Mac 'ic Alastair Chnòideart
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!

'S gu Mac 'ic Ailein on mhòr-chuan
Horò na haoilearain oro
Tha mi 'n earbsa Righ na glòire
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Gun toir sibh dhachaigh an tòrachd
Horò na haoilearain oro
Càirdean dhuibh fhèin, bràithrean dhomhs' iad
Fàth mo lionn-dubh ò chòin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!
Daingeann a bhuail iad as gach taobh sibh
Bhràithrean mo ghaoil-se, ò choin!

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists