Kishore Kumar Hits

Kim Carnie - Chan eil a' Chùis a' Còrdadh Rium lyrics

Artist: Kim Carnie

album: And So We Gather


Dh'èirich mi moch latha na fèille
Is trom mo cheum 's cho neònach e, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Buntàta ùr is truinnsear maoraich
Chuir mo ghaol gu bòrd agam, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Dh'fhalbh mi leis an damh bheag lachdann
Feuch am faighinn dròbhair dha, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Dh'fhuirich mi gu beul na h-oidhch'
'S cha robh a' phrìs a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Shuidh mi ann an gleannan fraoich
Ri taobh fear de na dròbhairean, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Nuair chunnaic mi na bha gam ionnsaigh
Chuir iad cùram mòr orm, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Thàinig fear airgead nam bochd
Is poca beag Marroc' aige, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Mura pàigh thu mi sa mhionaid
Cha bhi idir bhòt agad, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Thàinig Marsanta na Mine
Litrichean na dhòrn aige, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Labhair e 's a ghuth air chrith
A bheil dad idir dhòmhs' agad? O
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Thàinig Marsanta na Tì
'S dha-rìribh cha do chòrd e rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Thug thu riarachadh do chàich
Ged nach eil fàirdean dhòmhs' agad, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò
Chan eil a' chùis a' còrdadh rium, o
Hoireann ò ro huraibh ò

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists