ALADH AR SLANUIGHIR
Air fonn – Cumha Mhic Arois
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Mo ghaol, mo ghradh, a's m' fheudail thu,
M' ion'ntas ur a's n' eibhneas thu,
Mo mhacan aluinn ceutach thu,
Cha 'n fhiu mi fein bhi 'd dhail.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Ge 'mòr an t-aobhar cliu dhomh e,
'S mòr an t-aobhar curaim e,
'S rnòr an t-aobhar umhlachd e,
Righ nan dùl 'bhi 'm laimh.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Ge d' is leanamh diblidh thu,
Cinnteach 's Righ nan Righrean thu,
'S tu 'n t-oighre dligheach, firinneach
Air Rioghachd Dhé nan gràs.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Ge d' is Righ na glorach thu
Dhiult iad an tigh-osda dhuit,
Ach chualas ainglean solasach
'Toirt gloir do'n Tì is àird.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Bu mhòr solas agus ioghnadh
Buachaillean bochda nan caorach,
'Nuair chual iad na h-ainglean a' glaodhaich,
"Thainig Slanui'ear thun an t-saoghail."
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
B' e sin an ceol, 's an naigheachd aghmhor
'Sheinn na h-ainglean anns na h-ardaibh,
Ag innseadh gu'n d' rugadh Slanui'ear
Am Betlehem, am baile Dhaibhidh.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
B' e sin sgeula binn nam beannachd,
Mu'n aoidh a rinn tearnadh gu talamh,
Cha'n ioghnadh mi 'bhi muirneach, geanail.
Is gile na ghrian mo leanamh.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Dh' fhoillsich reulta dha na righrean,
Lean iad i mar iuil gu dileas,
Fhuair iad 'n am achlais fhein thu,
Is rinn iad umhlachd dhuit gu lar.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Thairg iad or dhuit, mirr a's tuis,
Thug iad aoradh dhuit a's cliu,
B' e turas an aigh do 'n triuir,
'Thainig a shealltuinn mo ruin.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
'O na dh' innis aingeal Dé dhuinn
Gu'n robh 'n fhoill an cridhe Heroid,
Dh' fhalbh sinne leat do'n Eiphit
G' a sheachnadh mu'n deanta beud ort.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
O! 'Heroid a chridhe chruaidh,
Cha choisinn t'imleachd dhuit buaidh,
'S lionar mathair dh'fhag thu truagh,
'S tu dian an toir air bàs mo luaidh.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
'S fhada, fhada, bho ludea,
Tearuinte bho d' chlaidheamh geur e,
'Measg nam mac cha d'fhuair thu fein e,
'S fallain, slan thu, 's fath dhomh eibhneas.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Dh' aindeoin do mhi-rinn a 's t'fharmaid,
Bidh mo mhac-sa cliuiteach, ainmeil,
Cha chuir e uigh an òr n'an airgiod,
A rioghachd cha rioghachd thalmhaidh.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Gur galach, brònach, tùrsach iad
An drast ann an Ierusalem,
A' caoidh nam macan ùra sin,
'S b' e 'n diubhail 'n cur gu bas.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Tha Rachel an diugh fo bhròn,
A' caoidh a paisdean aluinn, òg,
'S frasach air a gruaidh na deoir
Bho nach 'eil iad aice beo.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Tha mi 'g altrum Righ na mòrachd,
'S mise mathair Dhe na gloire –
Nach buidhe, nach sona dhomhsa,
Tha mo chridhe làn do sholas.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Thainig, thainig am Messiah,
Fhuair na faidhean uile 'n guidhe,
'S fhada bho 'n b' aill leo thu thighinn,
'S aluinn thu air mo ruighe.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
A ghnothach gu talamh cha b' fhaoin e,
Cheannach sabhaladh chloinn daoine,
'S e 'm Fear-reite 's am Fear-saoraidh,
Is e 'n Slanui'ear gradhach caomh e.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Ciamar a dh' eirich dhomhsa
'Measg an t-sluaigh a bhi cho sonruicht'?
'S e toil a's cumhachd na gloire
Mac bhi agam ge d' is oigh mi.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
'S mise fhuair an ulaidh phrìseil,
Uiseil, uasal, luachmhor, fhinealt,
'N diugh cha dual dhomh bhi fo mhighean,
'S coltach ri bruadar an fhirinn.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Cha tuig ainglean naomh no daoine
Gu la deireannach an t-saoghail
Meud do throcair a's do ghaoil-sa,
Tighinn a ghabhail coluinn daonnta.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Bheir mi moladh, bheir mi aoradh,
Bheir mi cliu dhuit, bheir mi gaol dhuit,
Tha thu agam air mo ghairdean,
'S mi tha sona thar chloinn daoine.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Mo ghaol an t-suil a sheallas tlà,
Mo ghaol an cridh 'tha liont 'le gràdh,
Ged is leanamh thu gun chàil
'S lionmhor buaidh tha ort a' fàs.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
M' ulaidh, m' aighear, a's mo luaidh thu,
Rùn, a's gaol, a's gràdh an t-sluaigh thu;
'S tus' an Tì a bheir dhoibh fuasgladh
Bho chuibhreach an namhaid uaibhrich.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
'S tu Righ nan righ, 's tu naomh nan naomh,
Dia am Mac thu 's siorruidh t'aois;
'S tu mo Dhia 's mo leanamh gaoil,
'S tu àrd cheann-feadhna 'chinne-daonn'.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
'S tusa grian gheal an dòchais,
Chuireas dorchadas air fògairt;
Bheir thu clann-daoin' bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd, a's eòlas.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Thigeadh na sloigh chur ort failte –
Dheanadh umhlachd dhuit mar Shlanui'ear,
Bidh solas mòr am measg siol Adhamh –
Thainig am Fear-saoraidh, thainig!
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Thig a pheacaich, na biodh sgàth ort,
Gheibh thu na dh' iarras tu 'ghrasan;
Ge d' bhiodh do chiontan dearg mar sgàrlaid
Bidh t'anam geal mar shneachd nan àrd-bheann.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Hosanah do Mhac Dhaibhidh,
Mo Righ, mo Thighearna, 's mo Shlanui'ear,
'S mòr mo sholas bhi ga d' thaladh,
'S beannaichte am measg nam mnai mi.
Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah, Aleluiah.
Поcмотреть все песни артиста