Kishore Kumar Hits

Gillebrìde Macmillan - Duan an fhògarraich lyrics

Artist: Gillebrìde Macmillan

album: Freumhan Falaichte


Thus' an sin a' falbh nad chabhaig
'S mise nam shuidhe gun bhonn na mo phòc,
Dè rinn mi ach coimhead nad shùilean
'S thuirt thu le briathran nach bu chiùin:
'Ortsa tha 'n aghaidh iarraidh bhuamsa,
Dh'èirich mi moch madainn is dh'fhalbh mi cho tràth,
Dh'obraich mi 's shaothraich mi son mi bhith mar tha mi,
'S ma-thà, chan fhaigh thu sgillinn ruadh.'
Cadal, dùsgadh,
Foighidinn is sìth,
Càirdeas, coibhneas,
Do làmh-sa dhomh sìnt', Ceartas,
èisteachd, cothrom anns an tìr,
A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth.
'S truagh nach d' bhruidhinn thu san dol seachad —
'S beag orm, 's lugh' orm bhith baigearach nam dhòigh;
Dh'innsinn an-dràst' dhut nan èisteadh tu le deòin
Mo sgeul-sa 's i fodh' an tuil nan deòir.
Nam dhùthaich bha mise uasal,
Urramach, Ach chualas am brèisim,
'S bha èislean gu buan;
Theich mi lem bheatha, 's chaidh m' fhàgail gun tuar,
'S nam thràill an tìr tha riumsa fuar.
Cadal, dùsgadh, foighidinn is sìth,
Càirdeas, coibhneas, do làmh-sa dhomh sìnt',
Ceartas, èisteachd,
Cothrom anns an tìr,
A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth.

Поcмотреть все песни артиста

Other albums by the artist

Similar artists