Chan eil mi gun nì air m' aire Hò rò na hùilirinn ò ro Gun neach ris an dèan mi gearain Och hoirinn ò falbh oro seinn M' eudail air MacLeòid na Hearadh 'S e m' eudail mòr Mac 'ic Ailein Ged a chuir thu mi às t-fhearann Chan e MacLeòid 's mi na bhaile B' fheàrr dhut mi na Nic a' Mhanaich Na gin beò de shliochd a seanair Comann lùbach, breugach, carach Rìgh gu dè ar n'adhbhar dhòmhsa? Cha do bhrist mi fèill no Dòmhnach Cha mhuth' thug mi molt far mòintich Cha do chuir mi caor' air ròpa Cha do rinn mi bristeadh pòsaidh Falbhaidh mi 's cha dèan mi fuireach Air long bheir mi sgrìob do Mhuile Naile, creicidh mi mo ghunna Nì mi dhen stoc clàran chumain Nì mi dhen ghleus dealgan muilinn Chan eil mi gun nì air m' aire